Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich
Ro-ràdh
Tha na ceudan bhliadhnaichean air a dhol seachad o bha na Ceiltich, na Cruithnich agus na Lochlannaich an seo ach tha a' bhuaidh aca fhathast sa Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha iomadh carragh ro-eachdraidheil, air feadh na dùthcha agus buinidh mòran dhiubh do linn nan Ceilteach. Tha ainmean Cruithneach againn mar Pitglassie agus Pitlochry ach chan eil sgeul againn air ciall nan ainmean an-diugh. Ach chan e sin e dha na h-ainmean Gàidhlig agus na h-ainmean Lochlannach. Tha sinn eòlach gu leòr air na tha iad sin a' ciallachadh agus tha iad a' toirt dhuinn deagh thuairisgeul dhen àite no de fheart tìre.
Tha a' Ghàidhlig againn fhathast. Tha blas nan Dùthchannan Lochlannach fhathast air dualchainnt nan Eileanan a Tuath ged a chailleadh mòran dhe na seann fhaclan Lochlannach.
Tha 'coltas' a' Ghàidheil fhathast air daoine cuideachd. Tha craiceann lachdann agus falt dorcha nan Ceilteach ri fhaicinn fhathast am measg nan cinnidhean cho math ri daoine àrda, bàna a thàinig bho na Lochlannaich.
Chan eil teagamh nach do chuireadh beartas ri cultur is dòigh-beatha na Gàidhealtachd air sgàth atharraichean is gluasad sluaigh thar nan linntean.
Clàr-ìnnse
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.
- Rannsaich Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich
- Luchdaich a-nuas duilleagan-obrach - tagh pdf no word
- Luchdaich a-nuas freagairtean
- Tuilleadh stuthan co-cheangailte ris
RANNSAICH CUSPAIREAN EILE
Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

