Am Baile logo Back to the Main site

Tuathanachas

Ro-ràdh

Gu ìre mhòr tha na feartan fiosaigeach tìr-chumadh, gnàth-shìde agus ùirean air òrdachadh càite agus ciamar a tha tuathanachas air a chur an gnìomh. 'S fhada on a tha còmhnardan leathann torrach na h-oirthire agus srathan farsaing an taoibh shear air taic a chumail ri tuathanas àitich measgaichte. San iar tha e riamh air a bhith nas duilghe bàrr fhàs air sgàth nan ùirean tana agus na gnàth-shìde a tha nas cruaidhe. Ri linn seo 's e tuathanachas chaorach air na monaidhean as cudromaiche.

Ach bha a pàirt fhèin cuideachd aig eachdraidh ann a bhith a' cumadh tuathanachas air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, an toiseach tro shiostam a' chinnidh, an uair sin tro na fuadaichean agus mu dheireadh tro chroitearachd. Tha gàrraidhean tioram-chloiche agus sreathan de chraobhan daraich meallach bho anmoch san 18mh linn a' comharrachadh crìochan achaidhean far a bheil fearann nas torraiche ann an Ros an Ear agus Machair Mhoireibh. Shuas anns na glinn far nach eil am fearann cho torrach is tric a thachras tu air tobhtaichean thaighean dubha agus feannagan nach deach obrachadh o chionn fhada.

An-diugh bidh co-fharpais chruinneil, margaidhean an t-saoghail agus saor-mhalairt uile a' cur cuideam air tuathanaich na Gàidhealtachd. Tha e cudromach dhaibh gun coinnich iad ris an dùbhlan agus gun atharraich iad dha rèir.

Clàr-ìnnse

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

RANNSAICH CUSPAIREAN EILE

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

Main picture