Am Baile logo Back to the Main site

A' cleachdadh stòrasan

Ceanglaichean ri clàr-oideachaidh 5-14

Neartaichidh foghlam tro na goireasan ionnsachaidh seo fiosrachadh agus tuigse nan sgoilearan anns na roinnean a leanas de chlàr-oideachaidh 5-14 Foghlam Àrainneachd:

Cuspairean Sòisealta (Daoine ann an eachdraidh)

  • Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan ann an eachdraidh – a’ leasachadh tuigse ann an roinnean eadar-dhealaichte de bheatha ann an eachdraidh agus carson a bha cuid de choimhearsnachdan, daoine agus tachartasan air am meas mar cudromach.
  • Atharrachadh agus leantainneachd, adhbhar agus buaidh – tuigse air atharrachadh air leantainneachd a leasachadh thar ùine agus adhbhar agus buaidh ann an suidheachadh eachdraidheil.
  • Seòrsa fianais ann an eachdraidh – a’ leasachadh tuigse air an iomadh seòrsa fianais eachdraidh a th’ ann agus dè cho cudromach ‘s a tha iad an taca ri chèile

Cuspairean Sòisealta (Daoine agus Àiteachan)

  • An Àrainneachd Dhaonnda – tuigse air pàtrain ghnìomhan daonnda air uachdar na Cruinne a leasachadh: tuineachadh, dòigh-beatha
  • Eadar-obrachadh Daonnda-fiosaigeach – tuigse air eadar-obrachadh eadar daoine agus àrainneachd nàdarra na cruinne a leasachadh: cleachdadh fearainn, goireasan agus atharrachadh, cùisean àrainneachd agus seasmhachd