Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Caisteal Inbhir Lòchaidh

Caisteal Inbhir Lòchaidh

Dealbh Nas Motha

Priont an duilleag seo

Cuir post-dealain gu caraid

Cuir beachd ann

Cuir ris an Leabhar-mhìr

Share

AINM-ÀITE: Inbhir Lòchaidh
LINN: 1910an
SGÌRE: Loch Abar
SIORRACHD/PARAISTE: INBHIR NIS:Cill Mo Naomhaig
TABHARTAICHE: Leabharlainn na Gàidhealtachd
AINM A' CHRUINNEACHAIDH: Postcards
location map

Tha a' chairt seo a' sealltainn Caisteal Inbhir Lòchaidh faisg air Gearasdan Loch Abar. Thogadh e anns an 13mh linn agus thathar dhen bheachd gum buineadh e dhan teaghlach Cuimeineach à Bàideanach agus, an dèidh sin, do Ghòrdanaich Hunndaidh. 'S e ceàrnag le tùr air gach oisean a th' anns an togalach seo o na meadhan-linntean.

Ann an 1645, bha blàr faisg air a' chaisteal, eadar arm an rìgh fo stiùireadh Mhontròs agus arm le Gàidheil is Goill fo stiùireadh Diùc Earra-Ghàidheil. Chaidh an latha le Montròs agus an t-arm aige, 's cha do chaill iad ach beagan dhem feachd, ach chaidh leth dhen arm aig Diùc Earra-Ghàidheil a mharbhadh sa bhlàr.

Thogadh caisteal ùr Inbhir Lòchaidh faisg air làimh, a thathar a-nis a' cleachdadh mar thaigh-òsta



ÀIREAMH AITHNE: QZP40_CARD_0298


Nithean eile sa chruinneachadh seo...



Srath Pheofhair a' sealltainn gu Inbhir Pheofharain

Srath Pheofhair a' sealltainn gu Inbhir Pheofharain

Taigh-òsta Windsor, Inbhir Narann

Taigh-òsta Windsor, Inbhir Narann

Am Bàgh, Geàrrloch

Am Bàgh, Geàrrloch

Bodach an Stòir, An t-Eilean Sgitheanach

Bodach an Stòir, An t-Eilean Sgitheanach





dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village