
Tha sinn gu math toilichte gun dèan làraichean eile ceangal ris A' Bhaile. Cleachdaibh am fiosrachadh gu h-ìseal gus ceangal a dhèanamh air an làraich agaibh. Tha sinn gu math toilichte gun dèan sibh ceangal ruinn aig: http://www.ambaile.org.uk/. Bheir seo luchd-tadhail bhon làraich agaibh agus nì e taghadh sa bhad den chruth Ghàidhlig no den chruth Bheurla den làraich, air a stèidheachadh air ge b' e dè an suidheachadh inneal-roghnachaidh a th' aca. Ma tha sibh ag iarraidh ceangal a dhèanamh ris an làraich na cruth Gàidhlig, cleachdaibh: http://www.ambaile.org.uk/gd. Cha leig sibh leas cead iarraidh oirnn. Tha sinn cuideachd toilichte gun dèan sibh ceangal ri gin de na duilleagan againn. Cleachdaibh URL na duilleige ris a bheil sibh ag iarraidh ceangal a dhèanamh. B' fheàrr leinn nam b' e 's nach biodh na duilleagan air an luchdachadh ann am frèamaichean air an làraich agaibh. Bu chòir gum biodh duilleagan-lìn A' Bhaile a' luchdachadh isteach gu uinneag shlàn an neach-chleachdaidh. Ma tha sibh ag iarraidh putan ìomhaighean gus ceangal a dhèanamh bhon làraich agaibh gu ruige Am Baile, dèanaibh Cuimhnich is Cuir air a' chòd a leanas a-steach dhan làraich agaibh. Iarraidh an còd an eilimid ìomhaighean bho làrach A' Bhaile.
<A HREF="http://www.ambaile.org.uk"><IMG SRC="http://www.ambaile.org.uk/gd/images/graphic_link.gif" WIDTH="138" HEIGHT="37" ALT="am baile" BORDER="0"></A>
Ma tha sibh ag iarraidh duilleagan-lìn A' Bhaile a chur air port-lìn cuiribh fios gu ambaile@highland.gov.uk. Thoiribh am fiosrachadh a leanas seachad: ainm, seòladh, àireamh-fòn, àireamh-facs agus post-dealain agus cuideachd tuairisgeul den a' phort-lìn agaibh. Ged nach leig sibh leas cead fhaighinn, bu mhath leinn fhaighinn a-mach cò tha a' dèanamh ceangail ris A' Bhaile. Cuideachd, bu mhath leinn cluinntinn bho eagrachaidhean a tha ag iarraidh ceangail bhon A' Bhaile. Anns an suidheachadh seach suidheachadh, cuiribh fios thugainn... ... cuiribh post-dealain thugainn an-dràsta fhèin
|
|||||||
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village