Linda Gillard (1952- )
Tha Linda Gillard a' fuireach agus a' sgrìobhadh air an Eilean Sgitheanach. Cheumnaich i o Oilthigh Bhristol agus rinn i trèanadh mar chleasaiche aig Sgoil Tèatair Old Vic Bhristol. Fad ochd bliadhna lean i dreuchd ann an cleasachd, an rud a bu chliùitiche dheth nuair a shuidh i aig bòrd còmhla ri Sir Mìcheal Gambon. 'S e an rud a bu mhiosa dheth, thuirt i, nuair a bha i a' cluiche pàirt mar bhean-shìdh fad cheithir mìosan fliuch ann an riochdachadh a-muigh de 'A Midsummer Night's Dream' ann am Pàirc Regents.
Fhad 's a bha ùine aice gun obair aig an Tèatar Nàiseanta, thachair gun deach i na neach-naidheachd neo-cheangailte agus sgrìobh i artaigilean aotrom airson irisean, iomadh fear dhiubh sin mun bheatha caran fèin-bith-beò a bh' aice fhèin a-muigh air an dùthaich an Siorrachd Drochaid Cham (Cambridge). Fad dusan bliadhna bha colbh èibhinn aice ann an 'Ideal Home' mu bheatha theaghlaichean.
Bha an dà cho-dhreuchd aig Linda fad ghreis mus do chuir i roimhpe gun leigeadh i seachad cleasachd gus ùine a chur seachad a' sgrìobhadh do na pàipearan agus a' togail a teaghlaich. Aig aois 40, rinn i ath-threanadh na tidsear bun-sgoile agus rinn i teagasg ann an Norfolk, gu h-àraid ann am Beurla agus ann an Ealan. Ach an dèidh do sgoilear fo bhuaireas ionnsaigh a dhèanamh oirre, leig i seachad an teagasg agus ghluais i dhan Eilean Sgitheanach, a' toirt gu buil faoin-smuain a bh' aice fad ghreis, gun gluaiseadh i don Ghàidhealtachd agus gun sgrìobhadh i làn-ùine. An-diugh tha Linda a' fuireach air sliabh beinne a' coimhead taobh a' Chuilthinn, raon de bheanntan a tha sa chiad nobhail aice, 'Emotional Geology' (2005). A' bhliadhna às dèidh sin dh'fhoillsich i 'A Lifetime Burning'. Tha an treas nobhail aice a tha san t-sealladh, leis an tiotal 'Star Gazing', na sgeulachd èibhinn romansach suidhichte san Eilean Sgitheanach is ann an Dùn Èideann.
Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.





Thig còmhla rinn air: