Somhairle MacGill-Eain (1911-1996)
Tha Somhairle MacIll-Eain air fear de na prìomh dhaoine ann an litreachas Alba an là an-diugh. Rugadh e ann an Oscaig an Eilean Ratharsair ann an 1911, 's chaidh e gu Bun-sgoil Ratharsair agus gu Àrd-sgoil Phort Rìgh mus deach e an uair sin do dh'Oilthigh Dhùn Èideann far an do rinn e sgrùdadh air Beurla. Chaidh e a-steach do theagasg sgoile agus bha obair aige ann an Tobar Mhoire, Hamhaig agus an Dùn Èideann, mus 'fhuair e obair mar Cheannard Àrd-sgoil a' Phluic far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.
Mar a thàinig e o theaghlach de sheinneadairean traidiseanta is de phìobairean, agus mar a chaidh a thogail ann an coimhearsneachd làn de chànan is chultar na Gàidhlig, b' e siud an cànan a thagh e gus a bhàrdachd a sgrìobhadh. Ach rinn e eadar-theangachadh a-rithist de mhòran dhith gu Beurla, ga toirt gu barrachd dhaoine. Chaidh a tharraing gu aire dhaoine cuideachd le foillseachadh 'Four Points of a Saltire' (1970), le Gòrdan Wright.
Bha buaidh aig na bàird fheallsanachail agus cuideachd aig seann litreachas Ceilteach agus aig seann òrain Ghàidhlig air MacIll-Eain. Chaidh an obair as ainmeile 'Dàin do Èimhir agus Dàin Eile', fhoillseachadh anmoch sna 1930an, a' coimhead air cuspairean de ghaol, agus cuideachd air mì-cheartas phoilitigeach. Bha an aon seòrsa de thaobh ri Co-mhaoineachd is ri Nàiseantachd aig MacIll-Eain 's a bh' aig a charaid, Hugh MacDiarmid, agus cuideachd bha buaidh aig rudan mar Cogadh Catharra na Spàinne agus neart Fascism air obair. Bha an cruinneachadh mòr de a bhàrdachd, 'Reothairt is Contraigh', air fhoillseachadh ann an 1977.
A bharrachd air a bhith ag adhbhrachadh ath-bheothachadh ann an litreachas Gàidhlig, bha Somhairle MacIll-Eain an lùib brosnachadh teagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Am measg a dhuaisean bha Bonn Òir na Banrigh airson Bàrdachd, ann an 1990. Bhàsaich e ann an 1996 aig aois 85, a' fàgail a mhnatha agus a dhithis nighean beò às a dhèidh.
Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.





Thig còmhla rinn air: