Jane Duncan (1910-1976)
Rugadh Elizabeth Jane cameron an 10mh Màrt 1910 ann an Renton, Siorrachd Dhùn Bhreatainn, nighean constabail poileis, DuncanDameron. 'S e Janet (Jessie) Sandison a bh' air a màthair. O ainmean a dithis phàrant chuir i ri chèile a dà far-ainm sgrìobhaidh, Jane Duncan agus Janet Sandison.
Chaidh a' chuid a bu mhotha de a leanabachd a chur seachad air croit a seanphàrantan, 'The Colony' (an 'Reachfar' na nobhailean), air an Eilean Dubh. Chaidh i gu Oilthigh Ghlaschu agus rinn i obair ann an Aonad Fiosrachaidh Dhealbhan-camara san Dàrna Cogadh. Thàinig beatha shocair sa Charibìan gu deireadh nuair a bhàsaich an duine aice, agus aig aois 47, thàinig oirre sgrìobhadh ach am pàigheadh i na cunntasan meadaigeach aige agus airson a beò-shlaint'.
Chaidh a' chiad nobhail aig Jane, 'My Friends the Miss Boyds', fhoillseachadh ann an 1959, agus lean iomadh nobhail eile, nam measg ochd-deug gu lèir san t-sreath 'My friend'. Sgrìobh i cuideachd do chlainn san t-sreath na 'Camerons', agus, aig fìor-deireadh a beatha, cho-obraich i còmhla ri tè nan dealbhan, Màiri Hedderwick air 'Herself and Janet Reachfar' agus 'Janet Reachfar and the Kelpie'. Chaidh Màiri Hedderwick air adhart gu bhith a' sgrìobhadh dhi-fhèin air Katie Morag.
Bhàsaich Jane Duncan am 20mh Dàmhair 1976 agus tha i air a tìodhlacadh ann an cladh Chille Mhìcheil air an Eilean Dubh.
Thèid ath-dheasachadh ùr de 'My Friends the Miss Boyds' a chur air bhog am bliadhna as t-samhradh (2010) agus bidh sin a' co-thachairt leis an t-sùbhachas a thathar a' cur air dòigh air an Eilean Dubh airson Cuimhneachan Jane Duncan nan ceud bliadhna a chomharrachadh. Faic an ceangal shìos fodha airson barrachd fiosrachaidh.
Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.





Thig còmhla rinn air: