Naidheachd
10 May 2006
Goireasan thidsearan a' tighinn a dh'aithghearr
Tha sgioba Am Baile aig Leabharlainn na Gàidhealtachd air a bhith ag obrachadh gu cruaidh gus goireas teagaisg ùr airson a' chlasruim a chruthachadh. Bheir an earrann foghlaim na cuspairean seo do thidsearan agus sgoilearan ach an ionnsaich iad tuilleadh mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.
Ceiltich, Cruithnich agus Lochlannaich / Na Fuadaichean / Croitearachd / Cumhachd / Daoine Ainmeil on Ghàidhealtachd / Tuathanachas / Iasgach / Ceàirdean na Gàidhealtachd / Creideamh / Hiort / Turasachd / Siùbhlaichean
Gheibhear cothrom air ceistean agus duilleagan-obrach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla bhon làraich-lìn.
Bidh na goireasan rim faotainn airson bliadhna sgoile 2006/07 ach nam biodh tu airson pàirt a ghabhail anns a' chiad ùine deuchainne nan cuireadh tu post-d gu
ambaile@highland.gov.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.
Thig còmhla rinn air: