
Fhuair a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan an cultar sa mhòr-chuid bho fhreumhan Ceilteach. Thug na Ceiltich an cuid litreachais, beul-aithris, òrain agus dannsa, agus ealan agus ceàirdean dhan sgìre. Bha cànan nan Ceilteach, a' Ghàidhlig, a' cur taic riutha uile.
A' Ghàìdhlig
Gu h-eachdraidheil b' e cànan màtharail na sgìre - agus aon de na cànain as sine san Roinn Eòrpa - a' Ghàidhlig, agus bha i air a bruidhinn cho fada sear ri Bràigh Mhàrr ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Gleann Sìdh ann an Siorrachd Pheairt. Ron 20mh linn ged-tà, bha i air crìonadh gu mòr. Ged a thuigeadh iad an cànan màtharail, b' fheàrr le mòran dhen òigridh Beurla a bhruidhinn. Mean air mhean bha a' Bheurla a' gabhail àite na Gàidhlig mar chànan na dachaighe. Bheireadh a' Bheurla buaidh air a' Ghàidhlig fiù 's ann an sgìrean far an robh an cànan uaireigin làidir, daingeann.
Ach tha ath-bheothachadh air tighinn air gach nì Gàidhlig anns na deicheadan mu dheireadh. Tha Pàrlamaid na h-Alba air inbhe oifigeil a thoirt don chànan. Ann an sgoiltean, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ga thoirt a-staigh. Mu dheireadh thall tha adhartas ga dhèanamh a thaobh a bhith ga h-ath-stèidheachadh mar chànan nàiseanta.
Cultar Ceilteach
Ann an dlùth-dhàimh ri ùidh às ùr anns a' Ghàidhlig tha togail ùidh ann an cultar Ceilteach. Tha beartas de chultar Ceilteach air a thaisbeanadh gu follaiseach na cheòl, òrain, bàrdachd, beul-aithris, ealan lèirsinneach agus ceàirdean. Agus chan eil e glacte san àm a dh'fhalbh; tha leasachaidhean ùra a' tachairt ann an ceòl, ealan agus litreachas Ceilteach nach gabhadh creidsinn o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha na meadhanan cuideachd ga chur air adhart.
A' coimhead ris an àm ri teachd
Tha leasachaidhean o chionn ghoirid gu cinnteach air togail a thoirt dhan Ghàidhlig. Ged a tha pìos mòr ri dhol fhathast, tha cùisean tòrr nas gealltanaiche a' coimhead airson seann chultar beartach na Gàidhealtachd agus nan Eilean na bha iad o chionn beagan bhliadhnaichean.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh -
MacInnes, Allan I.
Clanship, Commerce and the House of Stuart, 1603-1788
The Celtic Connection
pp 101-30 MacInnes, J.,'The Scottish Gaelic Language'
Thomson, D.
The Companion to Gaelic Scotland
Thomson, D.
An Introduction to Gaelic Poetry
Grimble, I.
The Future of the Highlands
Withers, Charles W. J.
Gaelic in Scotland
Withers, Charles W. J.
Gaelic Scotland
Cameron, Ewan
Land for the People?
Modern Scottish history, 1707 to the present
vol 2 - E. A. Cameron, 'The Highlands since 1850'
Dodgshon, Robert A
From chiefs to landlords
Grant, I.F., Cheape, Hugh
Periods in Highland History
Hunter, James
Last of the Free
Studies in the History of Dalriada
Devine, T.M
Clanship to Crofter's War
Kermack, W R
The Scottish Highlands
McDonald, R. Andrew
The Kingdom of the Isles
Inverness Field Club
The Dark Ages in the Highlands
Newton, Michael
A Handbook of the Scottish Gaelic World
RICHARDS, Eric
The Highland Clearances
Inverness Field Club
The Middle Ages in the Highlands
Womack, Peter
Improvement and Romance: Constructing the Myth of the Highlands
London, 1989
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: